Ach dh'fhalbh na seann nithean uainn 'S tha nithean nuadha nan aite Tha cuid nach deach a-nùair chuan Dhinn air cruadalach ri traigh Ach fhuair sinn naidheachd gu ar miann A tha riaraicht le m' chail Gu bheil frithean nam fiadh Gan cur sios gus an làr Duisgibh a luchd mo ghaoil 'S bithibh a-mach an tràths 'S cuiribh teine ris an fhraoch 'S eiridh laoich 'na ur pairt Bidh Bail-ailein air ur ceann Gabhail suim dhe ur càs 'S cha bhi leud a shròair chall Aig an t-sonn nach bi a-bhàn Cuiridh a Clach air a dhoigh H-uile feorlaing the fas Eadar seo is tigh Iain Ghròit A bheir òr airson màil Gu bheil diulnach ro threun An Dun-eideann à tàmh Agus Dughall cho gleusd Is cho eudmhor mu'r càs Ach dh'fhalbh na seann nithean uainn 'S tha nithean nuadha nan aite Tha cuid nach deach a-nùair chuan Dhinn air cruadalach ri traigh (2x) Ach dh'fhalbh na seann nithean uainn 'S tha nithean nuadha nan aite (3x)